A’ Chomataidh

Tha Comataidh Ionadail a’ Mhòid air a bhith trang airson trì bliadhna a-nis agus tha a h-uile duine toilichte gu bheil gus a bhith ann!

Thuirt Tormod A Dòmhnallach, Neach-Gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòid,” As leth Comataidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2016, bu mhath leam fàilte chridheil a chur air gach neach a bhios an làthair anns na h-Eileanan an Iar aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

’S e Fèill air leth sònraichte a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a tha a’ toirt còmhla, chan e a-mhàin luchd-labhairt na Gàidhlig bho air feadh Alba, ach luchd-labhairt agus luchd-taic a’ chànain bho gach ceàrnaidh den t-saoghail. Cruinneachadh gu luaidh a dhèanamh air ar ceòl, an cànan, ar cultar agus ar n-eachdraidh, agus fàilte a chur air seann eòlaichean agus a’ tàladh chàirdean as ùir chun chànan. Am bliadhna tha an fhèill a’ comharrachadh clach-mhìle 125 bliadhna, nì a tha na shamhla air neart is foghainteachd a’ chànain a dh’aindeoin gach dùbhlan thairis nam bliadhnachan sin.

Tha mi airson mo thaing a chlàradh do gach neach a chuidich ann a bhith ag ullachadh mu choinneimh an tachartais. `S e fior thogail-inntinn a th’ann nach eil duilgheadas againn aig àm san bith luchd-cuideachaidh fhaighinn dhan fhèill seo.  Tha mi airson taing shònraichte a thoirt do Chomataidh Ionadail a’ Mhòid, a tha air a bhith air leth dìcheallach anns na trì bliadhna a chaidh seachad – a’ togail an airgid a dh’fheumar mu choinneimh Mòd Nàiseanta, agus cha bu bheag an obair e.  ‘S e urram a bh’ ann dhòmhsa a bhith os cionn sgioba a bha cho dealasach agus èasgaidh.  Bu mhath leam taing mhòr a’ nochdadh do mhuinntir nan Eilean Siar a tha air a bhith cho taiceil dhuinn, agus tha e na theisteanas air am fialaidheachd gun deach againn air an ionmhas riatanach a thogail.

Tha rud aig a’ Mhòd seo dhan a h-uile duine, sean is òg, Gàidheil is Goill aig farpaisean, cèilidhean is iomall inntinneach, agus tha mi an dòchas gun còrd gach criomag den Mhòd ribh!”

Cò Sinn? / Who Are We?

Luchd-Dreuchd / Office Bearers

Norman MacDonald

Neach-Gairm / Convener

Amy Macaulay

Iar Neach-Gairm / Vice Convener

Alex A MacDonald

Iar Neach-Gairm / Vice Convener

Doileag Macleod

Rùnaire / & Secretary

Donald MacDonald

Ionmhasair / Treasurer

Fo-Chomataidhean / Sub-Committees

Colin George Morrison

Foillseachadh / Publicity Convener

Alastair Lockett

Àiteachan-fuirich / Accommodation Convener

Iain MacArthur

Stiùbhardachd / Stewarding Convener

Calum Mackay

Stiùbhardachd / Stewarding Vice-chair

Murdo Johnson

Tallaichean / Halls Convener

Moira Maclean

Togail Ionmhais / Fund-raising Convener

Iain Macaulay

Fèisteas / Entertainments Convener

Tony Robson

Còmhdhail / Transportation Convener

 

Ballrachd na CDI / LOC Members

Marina Mackay

Angela Mackinnon

John A MacIver

Alasdair MacLeòid

Peigi MacLennan

Calum Watt

Chriselle Bain